Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Eilidh Mackenzie > Eideadh Na Sgeulachd > Oran Gaoil A Rinneadh Ri Taobh Loch Laomain
|
Oran Gaoil A Rinneadh Ri Taobh Loch Laomain |
| Credits : | Katherine Douglas |
| Appears On : | Eideadh Na Sgeulachd |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| Ochoin hi ri, ho ri u o hi | Ochoin hi ri, ho ri u o hi |
| Tha m'inntinn truagh 's cha bhuannaich mi | My thoughts are heavy and I shall not win |
| Ged dh'innsinn duit do luach 'nam chridh' | Though I should tell you your worth in my heart |
| Ochoin hi ri, ho ri u o hi | Ochoin hi ri, ho ri u o hi |
| O's truagh nach robh sinn og le cheil | Pity that we were not young together |
| 'S an eilean cheothach ghleannanach | In the misty island of the glens |
| A' lennanachd mar eoin nan geug | Courting like the birds of the branches |
| Sinn solasach le beannachdan | Happy with blessings |
| 'S ged tha Loch Laomain lainnireach | And though Loch Lomond is glittering |
| Le grian a' soillseadh thairis air | With the sun shining across it |
| Thoir dhomhs' a bheinn taobh thall de'n chaol | Give me the mountain on the other side of the straight |
| 'S mi ann le m' ghaol na fhaileas dhomh | There with my love as a shadow |
| O 's truagh tha mi nach d'fhag mi'n saoghal | Oh pity that I did not leave the world |
| Mun tug mi 'n gradh nach fhaodar leam | Before I gave the love that is forbidden |
| Chan fhaigh mi tamh, 's chan fhaigh mi sith | I will get no rest, I will get no peace |
| Ho ro u o hi gun chaochail mi | Ho ru u o hi, that I might die |